Jump to content

Odd Hassel

O Uicipeid
Odd Hassel
ollamh

Beatha
Breith Christiania (en) Translate, 17 dhen Chèitean 1897
Dùthaich  Nirribhidh
Bàs Oslo, 11 dhen Chèitean 1981
Àite-adhlacaidh Vår Frelsers gravlund (en) Translate
Teaghlach
Athair Ernst August Hassel
Foghlam
Foghlam Oilthigh Oslo
Oilthigh Humboldt Berlin
Cànain Nirribhis
Dreuchd
Dreuchd ceimigiche fiosaigeach, ceimigear, neach-teagaisg oilthigh agus fiosaigiche
Fastaichean Oilthigh Oslo
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan
Acadamh Nirribheach nan Saidheansan is Litrichean

B' e ceimigear agus fiosaigiche à Nirribhidh a bha ann an Odd Hassel (Christiania 17 an Cèitean 1897–Oslo 11 an Cèitean 1981).

Rugadh e ann an Oslo is ann an 1915, chaidh e dhan Oilthigh Oslo. Rannsaich e còmhla ri Kazimierz Fajans ann am Munich is sgrìobh e a theusais aig Oilthigh Bherlin. Thill e do dh'Oslo far an do rannsaich e ceimigeachd neo-fhàs-bheairteach is co-chruthachd (conformation) nam moileciuilean fhàs-bheairteach. Dh'fhoillsich e a chiad toraidhean rè an dàrna Cogadh, nuair a chur na Nàsaich e ann an grèim. Chaidh a shaoradh ann an 1944. San 50an rannsaich e co-thàthadairean aiseag teairrds.[1]

Chaidh Òraid Hassel Chomann Ceimigeachd Nirribhidh ainmicheadh air.[2] Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1969 airson obrach air co-chruthachd,[3] còmhla ri Derek H. R. Barton.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Odd Hassel - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 17mh dhen Chèitean 2018.
  2. Om Norsk Kjemisk Selskap > Hassel Lecture”. Comann Ceimigeachd Nirribhidh. Air a thogail 17mh dhen Chèitean 2018.
  3. The Nobel Prize in Chemistry 1969”. Nobel Media AB. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2018.